Sinne
'S e buidheann brosnachaidh na Gàidhlig
ann am Bàideanach agus Srath Spè a th'ann an 'Sinne'.

Oifigearan a' chomataidh:
Lesley Gorman - (Cathraiche)
Fionnghal NicPhàdraig - (Rùnaire)
post-D: SinneSSB@googlemail.com
Fòn: ![]()

![]()
![]()

![]()
![]()
![]()
![]()
![]()
![]()
01479 841 672![]()
Marian Emsley - (Ionmhasair)
Buidheann Còmhraidh Gàidhlig - Ceann na Creige
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh post-d gu Fionnghal NicPhàdraig SinneSSB@googlemail.com no fònaibh ![]()

![]()
![]()

![]()
![]()
![]()
![]()
![]()
![]()
01479 841 672
.
Là Gàidhlig - Disathairne 7 an t-Òg Mhìos 2008
Tha Là Gàidhlig gu bhith aig Sinne air Disathairne 7 den Òg Mhìos 2008 ann an Drochaid Chàrr.
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh brath gu rùnaire na buidhne; Fionnghal NicPhàdraig
post-d: SinneSSB@googlemail.com
fòn:


Briogaibh air a' cheangal a leanas gus foirm iarrtais fhaighinn. Postair & Foirm Iarrtais
Gabhaidh a leughadh le Adobe Reader:
Bliadhna Mhath Ùr bho Sinne - Miosachan 2008
Tha Sinne air Mìosachan ùr a dhealbhadh airson 2008 agus gheibhear leth bhreac dheth ma bhriogas sibh air an dealbh gu h-ìosal.
Deagh Naidheachd ann am Bàideanach 's Srath Spè¨
Ma tha ùidh agaibh anns na tha dol air adhart a thaobh na Gàidhlig ann an sgìre Bhàideanach 's Srath Spè b'fhiach dhuibh leth-bhreac de Chuairt-Litir 'Sinne' a leughadh.
'S e buidheann coimhearsnachd a th'ann an 'Sinne' agus tha iad air iomadach tachartas agus cur-seachad a chur air dòigh bhon thòisich iad bho chionn còig bliadhna gus Gàidhlig a bhrosnachadh anns an sgìre.
'S e cuairt litir da-chànanach a th' ann agus an cois nan sia duilleagan lorgar measgachadh math de dh'fhiosrachadh inntinneach agus spòrsail a tha gabhail a-staigh clàr-ama de thachartasan a tha Sinne air a chur air dòigh anns an sgìre.
Gus leth-bhreac den chuairt-litir fhaighinn feumar ballrachd fhaighinn anns a' bhuidheann agus gheibhear sin le bhith sgrìobhadh seic luach £7 gu 'Sinne' airson ballrachd bliadhna no luach £5 airson ballrachd lasaichte gu Ionmhasair 'Sinne' Marian Emsley, Manse Road, Ceann a' Ghiuthsaich, Bàideanach, PH21 1JF, Fòn -


Latha Gàidhlig ann an Drochaid Chàrr
Fhritheil 14 an latha do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a ghabh àite ann an Dròchaid Chàrr, ann an Srath Spè, air an 4mh latha den t-Sultain.
Se a' bhuidheann coimhearsnachd 'Sinne' a chuir air dòigh an latha le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd.
'B ann am bunsgoil Dhrochdaid Chàrr a bha an latha air a chumail agus be Pàdraig Moireach agus Moira Webster a a chùm na clasaichean airson ìre luchd-tòiseachaidh agus eadar-mheadhanach.
Ma tha thu airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mun ath Latha Gàidhlig aig Sinne cuir fios gu:
Fionnghal NicPhàdraig (rùnaire)
Fòn: ![]()

![]()
![]()

![]()
![]()
![]()
![]()
![]()
![]()
01479 841 672![]()
Post D: SinneSSB@googlemail.com





