Sitemap Home

Plana Ionadail


As dèidh maoineachaidh fhaighinn bho 'Sinne' agus buidheann stiùiridh a' Phlana Cànain agus Cultair airson sgìre Inbhir Nis agus Inbhir Narainn, thòisich Aonghas MacLeòid na dhreuchd mar oifigear leasachaidh airson sgìre Bhàideanaich agus Srath Spè sa Ghearran 2006.

B' ann tron taic-airgid a fhuair 'Sinne' bho Sgeama Gàidhlig sa Choimhearsnachd agus Bòrd na Gàidhlig a chaidh an obair a chruthachadh. Agus le taic bho chomataidh a’ Phlana mairidh an cùmhnant gu deireadh a' Mhàirt 2008.

Tha an t-oifigear air fhastadh le Comunn na Gàidhlig agus stèidhte anns an oifis aca ann an Inbhir Nis far a bheil e faighinn stiùireadh làitheil bho Dhòmhnall Morris as leth Comataidh Stiùiridh a’ Phlana. Tha Domhnall
Morris na Mhanaidsear Leasachaidh Sgìreil aig Comunn na Gàidhlig.

Tha amasan na h-obrach stèidhte air feumalachdan na
buidhne coimhearsnachd 'Sinne' agus amasan ro-innleachdail a' Phlana Cànain agus Cultair airson sgìre Inbhir Nis agus Inbhir Narainn a chaidh a chur air bhog ann an 2004. Tha Fionnghal NicPhàdraig a tha na rùnaire do ‘Sinne’ a-nis na ball de bhuidheann stiùiridh a' Phlana agus bidh iad a’ coinneachadh ceithir tursan sa bhliadhna gus obair a' cho-òrdanaiche agus amasan a’ Phlana a mheasadh. Anns a' chiad trì mìosan dh'ullaich an t-oifigear dreachd leas-phlana gus feumalachdan sònraichte na sgìre a thoirt gu bàrr agus thathar a-nis air am fighe a-steach do dh’amasan a’ Phlana.

A bharrachd air obair phlanaichean tha an t-oifigear air a bhith an sàs ann a bhith a’ cur pròiseactan an gnìomh anns an sgìre a fhreagras air na amasan ro-innleachdail a leanas:

  •  A' togail a' chànain
  • Ag àrdachadh inbhe
  • A' cur luach an cultar
  • A' cruthachadh beartais
Tha na cuairt-litrichean seo ag innse mu dheidhinn leasachadh na Gàidhlig ann an sgìre Inbhir Nis, Inbhir Nàrainn, Bhàideanach agus Srath Spè.





Tha lethbhreac den Phlana ri fhaighinn an seo mar pdf.
Plana Cànain & Cultair Sgìre Inbhir Nis & Inbhir Narann

Ma tha ceistean agaibh a thaobh Plana Cànain agus Cultair na sgìre no molaidhean agaibh a thaobh an làrach-lìn seo no an cuairt-litir cuiribh brath gu Aonghas MacLeòid, Co-òrdanaiche Leasachaidh a' Phlana Cànain is Cultair a th'aig oifis Chomunn na Gàidhlig, Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ air a fòn 01463 234 138 no le post-d le aonghas@cnag.org.uk

Local Plan


Following a funding agreement between Gaelic community group ‘Sinne’ and steering committee for the Gaelic Language & Culture Plan for Inverness and
Nairn, Angus Macleod began work as development officer for the Badenoch & Strathspey area in February 2006.

It was through the financial support ‘Sinne’ received from the Gaelic in the Communities Scheme and Bòrd na Gàidhlig that the position was created and with the confirmation of continued support from the Plan funding partners the contract will continue to the end of March 2008.

The officer is employed by Comunn na Gàidhlig and based in their office in Inverness where he receives day to day management from Donald Morris on behalf of the Plan Steering Committee. Donald Morris is the area
development manager for Comunn na Gàidhlig.

The aims of the post are based on the specific needs of the community group ‘Sinne’ and
incorporate the strategic objectives of the Gaelic Language and Culture Plan for Inverness and Nairn published in 2004. Fiona Patrick, secretary for Sinne
is now a member of the Plan Steering Committee that meet quarterly to assess the progress of the officer
and the aims of the Plan. In the first three months the officer prepared an annexe, now incorporated into the aims of the Plan, to ascertain the specific requirements of the region.

In addition to planning the officer has been involved in initiating projects in the area in response to the following strategic aims:

  • Language acquisition
  • Profile enhancement.
  • Cultural enrichment.
  • Wealth creation

The following newsletters detail recent developments regarding the Gaelic language in the Inverness, Nairn, Badenoch and Strathspey area.





A copy of the Plan is available here in pdf format.
Gaelic Language & Culture Plan for Inverness & Nairn

If you have any queries regarding the Gaelic Language & Culture Plan or comments regarding this website or the newsletter Angus MacLeod, Development Coordinator
for the Gaelic Language & Culture Plan can be contacted at the Comunn na Gàidhlig Office on 5 Mitchell’s Lane, Inverness, IV2 3HQ by phone on 01463 234 138 or e-mail aonghas@cnag.org.uk