Foghlam Gàidhlig
Foghlam tro-mheadhan na Gàidhlig
Tha na cothroman a th'ann gus foghlam fhaighinn tro mheadhan na Gàidhlig air siar leudachadh ann an Alba bhon a dh' fhosgail a' chiad ionad Gàidhlig ann an 1988 ann an Inbhir Nis.
Fios is Freagairt
Dh' fhoillsich Comann nam Pàrant leabhran do phàrantan le fiosrachadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig gach ìre eadar foghlam ro-sgoile gu cothroman às dèidh na sgoile.
Tha an leabhran ri fhaighinn an seo ann an cruth PDF no an seo air pàipear.
Seo agaibh ceangal chun làrach-lìn aig Comann nam Pàrant: http://www.parant.org.uk/
Ionnsaich a' Ghàidhlig leis do chuid chloinne.
Tadhlaibh air gaelic4parents.com
Comhairle na Gaidhealtachd
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' creidsinn gu bheil Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' toirt a chothrom as fhearr gus ath-bheothachadh a thoirt do Ghaidhlig sa Ghaidhealtachd, gu h-àraid ma tha i a' faighinn taic bho chothroman airson na h-òigridh Gàidhlig a chleachdadh san dachaigh agus sa choimhearsnachd.
Airson tuilleadh fiosrachaidh briogaibh air a' cheangal a leanas: highland.gov.uk/learninghere/schools/gaelicmediumeducation/
no cuiribh fios gu:
Dolina Ghrannd
Community Learning & Education Officer for Gaelic
Comhairle na Gàidhealtachd
dolina.grant@highland.gov.uk




